Cnoc Soilleir Opens Its Doors

A warm welcome awaits the local community as new Cnoc Soilleir building opens its doors on 13th June.

see full size image
Image copyright of An Solas Òir 2022

 

A warm welcome awaits the local community as new Cnoc Soilleir building opens its doors on 13th June.

Situated in the heart of Daliburgh in South Uist, Cnoc Soilleir is the new home to UHI Outer Hebrides and Ceòlas.

Meaning “the bright hill” the building has been purpose built to offer facilities to meet the needs of both UHI Outer Hebrides’s educational programmes, and Ceòlas’ community-led activities and artistic programme.

As a new community asset, the building hosts a bespoke recording studio, a library, exhibition space, and  flexible communal space at the heart of the building that will be suitable for events with an audience of up to 60 people.

Our Open Day on the 13th of June will welcome the local community, schools and businesses to come and enjoy the space and find out more how they can enjoy and utilise this fantastic new facility.

Mairi MacInnes, Chair of Cnoc Soilleir encourages people to come along, “Getting Cnoc Soilleir Phase 1 built during lockdown has been a tremendous achievement and this has been possible because we contracted a local construction company. Great credit is due to our staff , the design team and MacInnes Bros for rising to the unprecedented challenges of Covid. Ceòlas is excited about holding the July Summer School in Cnoc Soilleir - the first since 2019.

 A warm welcome awaits everyone who drops in for the Open Day and perhaps a song will be sung and a reel or two will be danced!”

Sue Macfarlane, Principal of UHI Outer Hebrides said, “We are very much looking forward to welcoming the local community to the new Cnoc Soilleir building. We invite everyone to come to see this fantastic new building, meet our staff and find out more about what UHI Outer Hebrides will be offering.  This is more than just an attractive new venue for the College – together with Ceòlas, we have created a fantastic community asset where we hope to develop new, jointly delivered programmes and activities which will attract people to study and which will meet the needs of the area”.

Many thanks to the generosity of Scottish Government, Comhairle nan Eilean Siar, Highlands & Islands Enterprise and Bòrd na Gaidhlig for project funding, and a special mention to the local community for their continued support.  It is a momentous moment for Cnoc Soilleir Limited to deliver Phase 1 of the project and look forward to progressing with Phase 2 in the near future.

 

Notes to Editor

  • Cnoc Soilleir is an exciting joint venture between Ceòlas Uibhist and UHI Outer Hebrides.
  • Located in the Gaelic heartland of South Uist, Cnoc Soilleir will promote and celebrate the community’s cultural heritage.
  • Cnoc Soillier’s facilities have been designed to meet the needs of both UHI Outer Hebrides’ music, archaeology and Gaelic educational programmes as well as its online offer, and Ceòlas’ community-led activities around Gaelic music, and dance, language learning, heritage and culture.

About UHI Outer Hebrides:  

 

About Ceòlas:

  • Ceòlas Uibhist Ltd celebrates and supports the arts and artists of the Gaelic-speaking community of South Uist as well as promoting the Gaelic language, heritage and culture.
  • ceolas.co.uk
  • Ceòlas Summer School: 3rd – 8th July 2022. In addition to the school there will be many concerts, events and workshops.

 

 

Tha fàilte bhlàth ron choimhearsnachd ionadail agus togalach ùr Cnoc Soilleir a’ fosgladh a dhorsan air 13mh Ògmhios.

Air a shuidheachadh ann an teis mheadhan Dhalabrog ann an Uibhist a Deas, is e Cnoc Soilleir dachaigh ùr Ceòlas Uibhist agus UHI Innse Gall.

Tha togalach Cnoc Soilleir air a bhith air a thogail a dh’aon ghnothaich airson goireasan a thabhann a choinnicheas ri feuman prògraman foghlaim UHI Innse Gall agus gnìomhan Ceòlas a bhios air an stiùireadh leis a’ choimhearsnachd.

Mar so-mhaoin ùr coimhearsnachd, tha stiùidio clàraidh sònraichte san togalach, leabharlann, àite airson taisbeanaidhean agus àite cruinneachaidh sùbailte aig cridhe an togalaich a bhios freagarrach airson tachartas le suas ri 60 neach an làthair.

Air an Latha Fosgailte againn air an 13mh Ògmhios thèid fàilte a chur air a’ choimhearsnachd ionadail, sgoiltean agus gnothachasan a thighinn a dh’fhaicinn an àite agus tuilleadh fhaighinn a-mach mun dòigh sam faod iad an goireas iongantach ùr seo a mhealtainn agus a chleachdadh.

Tha Màiri NicAonghais, Cathraiche Cnoc Soilleir a’ misneachadh dhaoine a thighinn  “Tha e air a bhith air leth soirbheachail gun deach Cnoc Soilleir Ìre 1 a thogail tron ghlasadh agus bha seo comasach leis gun robh sinn air companaidh togail ionadail fhastadh. Tha sinn air leth taingeil don luchd-obrach againn, an sgioba-dealbhachaidh agus MacInnes Bros airson dèiligeadh gu soirbheachail ris na dùbhlain nach do thachair a-riamh roimhe an cois Covid. Tha Ceòlas air bhioran mu bhith a’ cumail Sgoil Shamhraidh an Iuchair ann an CS – a’ chiad sgoil shamhraidh bho 2019.

Bidh fàilte is furan ron h-uile neach a bhios an làthair air an là fosgailte agus is dòcha gun tèid òran a sheinn agus gum bi ruidhle no dhà air a dhannsa!

Thuirt Sue NicPhàrlain, Prionnsapal UHI Innse Gall, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cur fàilte air a’ choimhearsnachd ionadail gu togalach ùr Cnoc Soilleir.  Tha sinn a’ toirt cuireadh dhan h-uile duine a thighinn a dh’fhaicinn an togalaich ùr mhìorbhaileach seo, coinneachadh ris an luchd-obrach againn agus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na bhios UHI Innse Gall a’ tabhann.  Chan e dìreach làrach ùr a tha seo dhan Cholaiste – an co-bhoinn ri Ceòlas, tha sinn air so-mhaoin mhìorbhaileach a chruthachadh sa choimhearsnachd anns a bheil sinn an dòchas prògraman agus gnìomhan ùra a leasachadh agus a lìbhrigeadh còmhla, a thàlaidheas daoine gu bhith ag ionnsachadh agus a bhios a’ coinneachadh ri feuman an àite”.

Mòran taing airson coibhneas Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gaidhlig airson am pròiseact a mhaoineachadh, agus feumar gu sònraichte a’ choimhearsnachd ionadail ainmeachadh airson an taic leantainneach.  Is e àm sònraichte a tha ann do Chnoc Soilleir Earranta a bhith a’ lìbhrigeadh Earrann 1 den phròiseact agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ dol air adhart le Ìre 2 a dh’aithghearr.

Fios do Neach-deasachaidh

  • Tha Cnoc Soilleir na iomairt air leth inntinneach eadar Ceòlas Uibhist agus UHI Innse Gall
  • Suidhichte ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas, adhartaichidh agus comharraichidh Cnoc Soilleir dualchas cultarail na coimhearsnachd.
  • Tha goireasan Cnoc Soilleir air a bhith air an deilbh gus coinneachadh ri feumalachdan prògraman foghlaim UHI Innse Gall a thaobh ceòl, arceòlas agus Gàidhlig cho math ris an tairgse air-loidhne, agus gnìomhan air an stiùireadh leis a’ choimhearsnachd tro Ceòlas a thaobh ionnsachadh na Gàidhlig, dualchas, cultar, ceòl agus danns.

Mu UHI Innse Gall:  

 

  • Is e colaiste foghlam adhartach agus àrd-fhoghlam a tha ann an UHI Innse Gall sna h-Eileanan an Iar, Alba. Thar e mar phàirt de dh‘Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. 
  • Tha ionadan againn air feadh Innse Gall. – Ar n-Ionadan – UHI Innse Gall’
  • Gheibh sibh tuilleadh a-mach mu bhith ag ionnsachadh aig UHI Innse Gall - Cuspairean - UHI Innse Gall
  • Rannsaich ar cùrsaichean - Cùrsaichean - UHIInnse Gall
  • Faigh tuilleadh a-mach bho na h-oileanaich againn – Sgeulachdan nan oileanach (uhi.ac.uk)

 

Mu UHI Innse Gall:  

 

  • Is e colaiste foghlam adhartach agus àrd-fhoghlam a tha ann an UHI Innse Gall sna h-Eileanan an Iar, Alba.  Tha sinn mar phàirt de dh‘Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.
  • Tha ionadan againn air feadh Innse Gall. – Ar n-Ionadan – UHI Innse Gall’
  • Gheibh sibh a-mach mu bhith ag ionnsachadh aig UHI Innse Gall
  • Rannsaich ar cùrsaichean - Cùrsaichean - UHIInnse Gall
  • Faigh tuilleadh a-mach bho na h-oileanaich againn – Sgeulachdan nan oileanach (uhi.ac.uk)