Gàidhlig agus Leasachadh BA (le Urram)
Course code Q505
What is special about this course?
Ma tha thu dealasach mun a’ Ghàidhlig agus a leasachadh sa choimhearsnachd san àm ri teachd, is e an cùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh, a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, an cùrsa dhutsa.
Leis an iarrtas mòr a th’ air eòlaichean Gàidhlig air feadh Alba, bheir an ceum farsaing seo fìor dheagh bhunait dhut ann am planadh mhion-chànanan cho math ris an eòlas practaigeach is na sgilean obrach a leigeas leat sgrùdadh mar a thèid seo a chur an gnìomh ann an coimhearsnachdan san latha an-diugh.
Tha an cùrsa seo ag amas air oideachadh is trèanadh a thoirt dhut ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Nì thu coimeas eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mìon-chànanan is cultaran eile agus bidh cothrom agad semeastar a chur seachad aig oilthigh ann an Èirinn no Canada.
Special features
- Tha an cùrsa a’ tabhann a’ chleachdaidh làithreach as fheàrr ann am planadh agus leasachadh cànain bhon Roinn Eòrpa
- Tha prògram iomlaid le Canada no Èirinn anns a’ bhliadhna mu dheireadh
- Tursan
- Greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean sa chiad bhliadhna
- Is urrainn dhut ionnsachadh làn-ùine no pàirt-ùine a rèir an t-suidheachaidh agad fhèin
Entry requirements
- 3 teisteanasan Àrd-ìre aig BBC no nas àirde, bhiodh e na b'fheàrr nan robh Gàidhlig nam measg NO
- 2 A level aig BC no nas àirde.
- Bidh agallamh agad gus do chomas sa Ghàidhlig a mheasadh
- Cuirear fàilte air iarrtasan bho thagraichean le teisteanasan eadar-dhealaichte
- Nota: chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh
Access routes
Year 1 - CertHE
Taghadh CertHE a dhèanamh ann an aon de na leanas:
- An Cùrsa Adhartais
- An Cùrsa Comais no
- Gàidhlig agus Conaltradh
- Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean os làimh
Year 2 - DipHE
Am measg nan cuspairean tha:
- a’ Ghàidhlig an-dè is an-diugh
- leasachadh air a’ Ghàidhealtachd agus roinnean iomallach
- saoghal na Gàidhlig 2
Year 3 - BA
Am measg nan cuspairean tha:
- poileasaidh is plana cànain
- mothachadh cànain
- dlùth-chruinneas agus coimhearsnachdan iomallach
- leasachadh choimhearsnachdan san 21d linn
- leasachadh coimhearsnachdan Gàidhlig: sgilean practaigeach
Year 4 - BA (Hons)
- Tràchdas
- Sgilean Eadar-theangachaidh
- Poileasaidh cànain
- Poileasaidh cànain san àite-obrach
- Leasachadh seasmhach
- Imrich
- Prògram iomlaid ann an Èirinn no Canada
- Poileasaidh is plana cànain
How will I study my course?
- Làn-ùine
- Pàirt-ùine (le structar)
- Ionnsachaidh tu tro chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh, òraidean agus chlasaichean cànain practaigeach aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais (ceum BA a-mhàin)
- Tha cuid de na modalan rin ionnsachadh air-loidhne agus le co-labhairt bhidio
How long will my course last?
- Làn-ùine: 4 bliadhna @ 40 uairean gach seachdain
- Pàirt-ùine (le structar): 8 bliadhna @ 20 uairean gach seachdain
Tha an àireamh de dh’uairean gach seachdain a’ ciallachadh na h-àireimh iomlan de dh’uairean a bu chòir dhut cur seachad air a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach ùine a chuireas tu seachad ann an òraidean agus an ùine agad fhèin a chuireas tu seachad air obair agus rannsachadh fa leth.
Where can I study my course?
- Innse Gall
- Sabhal Mòr Ostaig
Start date
An t-Sultain
Fees
Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:
2019-20 | 2020-21 | |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna | £1,820 | £1,820 |
Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan as fhiach 20 creideis) gach bliadhna | £645 | £645 |
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal de 20 creideis) | £215 | £215 |
Oileanaich às a’ chòrr den RA
Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ toirt a-steach Eilean a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh ann an Alba rè na teirm, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:
Ìre | 2019-20 | 2020-21 | |
---|---|---|---|
Bliadhna 1 | CertHE | £9,000 | £9,000 |
Bliadhna 2 | DipHE | £9,000 | £9,000 |
Bliadhna 3 | Ceum | £9,000 | £9,000 |
Bliadhna 4 | Urram | saor an asgaidh | saor an asgaidh |
Tha an ceathramh bliadhna an asgaidh do dh’oileanaich làn-ùine a phàigh airson nan trì bliadhnaichean ron sin aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a-mhàin.
Pàirt-ùine (airson gach modal luach 20 creideas) - £1,500
Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.
Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.
Oileanaich eadar-nàiseanta
Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:
2019-20 | 2020-21 | |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan luach 120 creideas) gach bliadhna | £11,650 | £12,000 |
Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan luach 20 creideas) gach bliadhna | £5,820 | £6,000 |
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 20 creideas) | £1,940 | £2,000 |
***Chan fhaod oileanaich eadar-nàiseanta le sponsaireachd Student Route ionnsachadh pàirt-ùine.
Barrachd fiosrachaidh air cìsean do dh’oileanaich eadar-nàiseanta.
Tha barrantas ri fhaotainn do dh’oileanaich fho-cheuma fhèin-mhaoineachail làn-ùine agus pàirt-ùine eagarach eadar-nàiseanta agus às a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte nach tèid cìsean a chur suas airson ionnsachadh leantainneach is co-dhlùth airson an aon teisteanais, suas ris a’ chrìch-ùine bhun-tomhasaich a cheadaichear airson an teisteanais dom buin a’ chùis.
Funding
Dh'fhaodar gum bi sgoilearachdan no taic airgid a bhith ri fhaotainn. Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.
What can I do on completion of my course?
Aon uair ’s gun coilean thu an ceum ann an Gàidhlig agus Leasachadh, dh'fhaodadh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:
- Leasachadh Gàidhlig
- Leasachadh coimhearsnachd
- Rianachd phoblach
- Teagasg
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Mur am b' e a' phrògram cha bhithinn far a bheil mi agus cha bhithinn air Gàidhlig ionnsachadh dhan ìre far a bheil i a-nis. Tha mi air gluasad air adhart dha Cùrsa nam Meadhanan Gàidhlig agus tha mi air obair a dhèanamh dha BBC Alba agus Radio nan Gàidheal. Tha mi cuideachd a' ruith seirbheis naidheachd Ghàidhlig, Naidheachdan: AAA air loidhne. Tha buannachd mhòr an còis a' chùrsa seo gu h-àraidh leis gu bheil e cho aithnichte.
Thòisich Alasdair Laing ag ionnsachadh air a' chùrsa Gàidhlig agus Leasachadh agus tha e a-nis a' dèanamh Cùrsa nam Meadhanan Gàidhlig PDA aig Sabhal Mòr Ostaig, UHI.
Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Leasachadh BA (le Urram)
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.